Logadh a-steach MCN

Ma tha fios agad air an fhiosrachadh logadh a-steach agus thu taobh a-staigh lìonra  sgoile no ùghdarras ionadail, gheibh thu chun nam MCN a’ cleachdadh a’ cheangail gu h-ìosal:

Logadh a-steach

Mas e ’s gur e seo a’ chiad turas agad air a’ phlatform ùr MCN, faodaidh tu dearbhadh leis a’ Mhanaidsear Cunntais agad as urrainn post-d a chruthachadh dhut le fiosrachadh stèidheachaidh.

Log a-steach Glow

Mas e ’s gur e neach-cleachdaidh Glow a th’ annad agus gu bheil an taidhle MCN ri faotainn tron ùghdarras ionadail agad air an deas-bhòrd agad, faodaidh tu logadh a-steach tro Glow.

Trioblaidean logadh a-steach

Ma tha trioblaidean ann le logadh a-steach, seo cuid de na h-adhbharan a dh’fhaodadh gu bheil sin a’ tachairt, le comhairle air dè an ath cheum.

Chan eil fiosrachadh logadh a-steach agam

Bidh aon, no barrachd air aon, de na Manaidsearan Cunntais san sgoil agad a dh’fhaodadh taic a thoirt dhut leis an seo.

Tha fiosrachadh logadh a-steach ìre aon SNSA/MCNG agam ach chan eil iad ag obair

Feumaidh tu fiosrachadh logadh a-steach ùr a chruthachadh gus faighinn a-steach chun a’ phlatform MCN. Bruidhinn ris a’ Mhanaidsear Cunntais agad a bheir cuideachadh dhut.

Chan eil an ceangal ag obair dhomh

Tha suidheachaidhean ann far nach urrainn dhut faighinn a-steach gu MCN:

Tha mi a’ cleachdadh logadh a-steach MCN bho thaobh a-muigh na sgoile no ùghdarras ionadail

  • Airson adhbharan dìon, chan fhaigh thu a-steach gu platform nam measaidhean ach tro thaobh a-staigh lìonra ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean Alba. Feuch a-rithist nuair a tha thu air lìonra an ùghdarrais ionadail no air lìonra na sgoile.

Chan urrainn dhomh taidhle MCN a lorg air GLOW

  • Faodaidh ùghdarrasan ionadail taidhle MCN a chur air Glow Launchpad; ’s dòcha nach do roghnaich an t-ùghdarras agad taidhle a chleachdadh aig an àm seo. Bruidhinn ris an ùghdarras ionadail agad airson barrachd fiosrachaidh.

Tha mi a’ cleachdadh GLOW taobh a-muigh na sgoile no ùghdarras ionadail. Tha mi air an taidhle MCN a bhruthadh ach chan fhaigh mi air a’ phlatform measaidh.

  • Airson adhbharan dìon, chan fhaigh thu a-steach gu platform mheasaidhean ach tro thaobh a-staigh lìonra ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean Alba. Feuch a-rithist nuair a tha thu air lìonra an ùghdarrais ionadail no air lìonra na sgoile.

Tha mi a’ cleachdadh GLOW taobh a-staigh lìonra na sgoile no ùghdarras ionadail. Tha mi air an taidhle MCN a bhruthadh ach chan fhaigh mi air a’ phlatform measaidh.

  • Chan obraich log a-steach Glow ach don luchd-obrach agus sgoilearan a tha air SEEMiS. Cleachd an log a-steach dìreach MCN.

A bheil trioblaidean agad fhathast?

Ma tha trioblaidean agad fhathast a’ logadh a-steach, bruidhinn ri deasg frithealaidh MCN a tha fosgailte eadar Diluain gu Dihaoine 8:30m gu 5f – Diciadain, gu 6f (ach Saor-làithean Banca). Freagraidh Luchd-obrach an Deasg Frithealaidh ceistean mu logadh a-steach no ceistean sam bith eile agad mun phlatform. Faodaidh tu bruidhinn ris an Deasg Frithealaidh air fòn 0330 403 0041 no tro post-d aig support@nsa.scot.

Ma tha thu airson ur ceist fhaighneachd sa Ghàidhlig, cuir ceist thugainn air post-d gu support@nsa.scot.