Clann agus daoine òga
Fiosrachadh do chlann agus do dhaoine òga
Tha siostam nam Measaidhean Coitcheann Nàiseanta na h-Alba spòrsail agus furasta a chleachdadh. Tha iad air an dealbhadh airson gun tuig an tidsear na rudan a dh’fheumas iad a dhèanamh airson gun dèan thu deagh adhartas nad sgilean leughaidh, sgrìobhaidh agus àireamhachd.
Ma tha ceistean agad, tha tòrr fiosrachaidh air an làrach-lìn seo, agus bidh an tidsear agad an-còmhnaidh toilichte bruidhinn riut mu na measaidhean.
Am fiosrachadh a dh’fheumas tu mar phàiste neo neach òg
Cuin a bhios tu a’ dèanamh na measaidhean?
Sa bhun-sgoil, bidh clann ann an C1, C4 agus C7 a’ dèanamh nam measaidhean. San àrd-sgoil, bidh daoine òga ann an ÀS3 a’ dèanamh nam measaidhean.
Dè mu na toraidhean agad?
Dh’fhaodadh gum bruidhinneadh na tidsearan agad riut mu na builean agad gus do chuideachadh tuigsinn far a bheil thu a’ dèanamh adhartais agus far am feum barrachd obrach. Chan eil pasaig no fàilleachadh ann, agus gu dearbh chan eil càil ann airson dragh a chur ort!
Am bi feum agam ullachadh airson nam measaidhean?
Bidh na measaidhean nam pàirt de obair àbhaisteach a’ chlas agad agus cha bhi agad ri ullachadh sònraichte sam bith a dhèanamh air an son. Tha na measaidhean cho goirid ’s as urrainn dhaibh a bhith, ach faodaidh tu toirt cho fada ’s a tha thu ag iarraidh airson an dèanamh.
Tha na measaidhean air-loidhne agus faodaidh tu cleachdadh coimpiutair, laptop no tablaid. Bidh na tidsearan agad ann gus dèanamh cinnteach gun tèid a h-uile càil mar bu chòir.